EICH EIRISGEIDH

Na h-Eich

The Eriskay ponies run free but all are individually owned and are good for novice-riding and peat carrying.

Drawing and words by Canon Calum macNeill in his book

AODANNAN EIRISGEIDH – THE FACES OF ERISKAY.”

Eich Éirisgeidh

Bha iad riamh an Éirisgeidh ’s gum b' fheumail iad don t-sluagh,
Bha iad troimh na linntean ann ’s na tìmean chaidh air ruaig;
Thàirneadh iad a’ mhòine gu fògairt chuir air fuachd
Is làimhischeadh an òigridh iad ’s bha iomadh spòrs ’nan cuairt.

Gu toirt tobhar thar na tràghad bha iad làidir agus treun,
Bheireadh iad gum spàirn an àirde paidhir chléibh;
Dhìreadh iad na h-uain’-chnuic cho uallach ris na féidh—
Cha chuireadh teas no fuachd orra b’e dualachas bhidh treun.


Guma fad’ air ghluasad iad an eilean uain’ na h-òig’
A-muigh air feadh nam buailtean ’s a cuairteachadh mun chrò;
Tha pailteas dhen bhiadh ac’ ann ’s iad riaraichte gu leòr,
’S bidh freastal a’ cur dìon orra bho shìontan no ghaoth reòdht’.

Dòmhnall Aonghas Bhan Taobh a Deas a Loch Baghasdail